Dh’ionnsaich thu do cheàird
ri taobh oir na cuairte
do làmh bheag shalach
a’ smùrach aig a casan
agus an Laideann
mar bhràghad dubh air d’ amhach
Chuir iad crios dearg ort
ann an caoran a’ bhàis
guth blàth nam bodach
na do chridhe is na do chluais
is dh’iarr thu air a’ ghaoith
do thogail nad phort
Dhùisg thu le gàire
agus pòg na do shùil
bu tu a bha sona fo sholas nan reul
Ailidh Dall
gad thoirt dhachaigh
gu latha nan seann sgeul
Sheas thu leat fhèin
fad deich bliadhna is còrr
is iad a’ tilgeil peilear nam baigearan
dhan tobhta
a bh’ air a thughadh le clòimh
do bhochdainn
Bha thu glic ris a’ chnoc
agus do chuideachd ann roimhe
ach b’ e fanaid a rinn iad
air do chainnt agus do cheòl
nach cluinn is nach fhaic
ann an sgrìobhadh na sgoil
Ach na biodh cùram ort a laoich
is beannaichte an duine
a tha ri bròn
is gach neamhnaid is seud
mar shoisgeul
ann am Flathanas air do shon
Angela NicIlleBhràighe
Leave a comment