Feeds:
Posts
Comments

Archive for the ‘Angela NicIllebhraighe’ Category

Dh’ionnsaich thu do cheàird
ri taobh oir na cuairte
do làmh bheag shalach
a’ smùrach aig a casan
agus an Laideann
mar bhràghad dubh air d’ amhach

Chuir iad crios dearg ort
ann an caoran a’ bhàis
guth blàth nam bodach
na do chridhe is na do chluais
is dh’iarr thu air a’ ghaoith
do thogail nad phort

Dhùisg thu le gàire
agus pòg na do shùil
bu tu a bha sona fo sholas nan reul
Ailidh Dall
gad thoirt dhachaigh
gu latha nan seann sgeul

Sheas thu leat fhèin
fad deich bliadhna is còrr
is iad a’ tilgeil peilear nam baigearan
dhan tobhta
a bh’ air a thughadh le clòimh
do bhochdainn

Bha thu glic ris a’ chnoc
agus do chuideachd ann roimhe
ach b’ e fanaid a rinn iad
air do chainnt agus do cheòl
nach cluinn is nach fhaic
ann an sgrìobhadh na sgoil

Ach na biodh cùram ort a laoich
is beannaichte an duine
a tha ri bròn
is gach neamhnaid is seud
mar shoisgeul
ann am Flathanas air do shon

Angela NicIlleBhràighe

Advertisements

Read Full Post »

Is iomadh facal
a tha na mo cheann
glaiste air cùl dorais
aig a’ chaileag ghruagach dhonn
a chur a làmh san tobar
agus a leig don uisge
sìoladh ann

Chi mi fhathast
san coileach-teas iad
a’ sruthail tron ghleann
agus am bodach
ag innse an stòraidh
mun latha
nach biodh i ann

Agus aig a’ bhòrd
tha i na suidhe
is a’ feuchainn ri rann
a’ faighneachd do Ghoogle
(cò chuala riamh!)
mun fhacal
a tha caillte
le fiaradh nam fonn

Angie NicIlleBhràighe

Read Full Post »

Cnòthan beaga
Cò thu?
Air fàs cho mòr
Gu cruinn, gu dlùth

Deàlradh na grèine
Gad thumadh
Is a’ falbh leat
Le leum an t-srutha

An talamh fodhad
A’ ghaoth romhad
Chan fhada sin
Bha thu na mo bhrù!

Angie NicIlleBhràighe

Read Full Post »

Lean iad a chèile
shìos a’ chnoc
solas air fàire
a’ toirt nam chuimhne
an latha eile
a ghabh sinn an rathad seo

Nuair a choinnich iad
aig an doras sinn
a’ pasgadh ar làmhan
le blàths an t-siùcair
agus beatha
nach b’ aithne dhuinn

Tron uinneig
chunnaic sinn
an cainnt
a’ falbh leis a’ cheò
agus an spiorad
a’ fleòdradh sa mhuir

Is e fhèin
na sheasamh
air ar beulaibh
a’ cur a-mach an loidhne
agus a ghuth ga thogail
thar a’ Chuain Sgìth

Angie NicIlleBhràighe

Read Full Post »

Leum
nam anail nam uchd

Dùsgadh
is an t-uisge a’ dòrtadh

Bròg
buailidh i sin orm fhathast

Cabhag
orm aig a’ chuibhle

Ceòl
nam chluais is ri mo chorrag

Lasadh
na pàipearan le mo làimh

Sruabadh
an cofaidh le spàineag an t-siùcair

Naidheachd
nach iarrainn agus dealbh a’ bhàis

Solas
sa ghleann is a’ priobadh gu h-àrd

Dearg
an croise a’ giùlain a’ ghràidh

Angie NicIlleBhràighe

Read Full Post »

Na mo sheasamh
ri do thaobh
ann an eilean
fad’ air falbh bhuainn fhìn,
cha bu bheag an càirdeas.

Ann an dubh is geal
chì sinn
na daoine dhen robh sinn
airson a’ chiad uair
is an cianalas cho làn.

Is coimheach an t-àite
agus an clàr
le ainmean
air cuideachd
sgrìobhte ceàrr

Is sinn fhathast
a’ sireadh freagairt
na ceist
neo beatha ùr
a tha uile rim faicinn ann an clach nan sùl.

Angie NicIlleBhràighe

Read Full Post »

Air an rathad dhachaigh, gad ghlasadh a-staigh,
gad tharraing dlùth. Is an ùine a’ ruith oirnn.

Ròs na do ghruaidhean mar nach fhaca mi riamh. An t-eagal
mar chuibhrig. Nam facail gam falach.

Sinn a’ còmhradh an-dràsta is a-rithist. Air na thig fhathast.
An càr dùinte is mi gad leantainn a-staigh. A’ giùlai gach gràidh is gaol a thug iad dhuinn.

Is iad beò gu bristeadh.

Tionndadh: Angie NicIlleBhràighe

Read Full Post »

Older Posts »