Feeds:
Posts
Comments

Archive for the ‘Eadar-theangachadh’ Category

’S iomadh duine a nì
mar nach do rugadh fhathast iad. Rè an ama sin, ge-tà,
dh’fhaighnicheadh do William Burroughs le oileanach
ma bha e gabhail ri beatha an dèidh bàis,
’s fhreagair e:
– An cinnteach leat nach do bhàsaich thu fhathast?

Tionndadh: Steafan MacRisnidh

Read Full Post »

Togaidh sinn ar gàirdeanan
An t-sràid a’ sreap chun nan speuran
A’ leigeil ar sùilean
Na cabair a’ ruamhar na talmhainn

Às gach cràdh
Nach ainmich sinn
Fàsaidh craobh geanm-chnò
A dh’fhanas gu dìomhair ri ar cùl

Às gach dòchas
A dh’àraicheas sinn
Cinnidh rionnag
A dh’fhalbhas thar fàire

An cluinn thu peilear
Dranndanaich mu ar cinn
An cluinn thu peilear
A’ leum air ar pòg gun fhios

Tionndadh: Nicola NicThòmais

Read Full Post »

Air oidhche na stoirme
bhris a’ mheur a b’ àirde
far na craoibhe a bu mhotha
nam ghàrradh.
Tha i shuas an sin fhathast. Ged a tha a duilleagean
air dubh chrìonadh am measg an duillich
Cha leig na meuran maireannach
leatha tuiteam.

Tionndadh: Nicola NicThòmais

Read Full Post »

Seall! Sgrìobh mi dàn!
Tha Seonaidh ag ràdh rium
agus ga chur na mo làimh
is e mu dheidhinn
na seanmhar aige a’ bàsachadh
as t-samhradh, is mise
san ospadal
agus tha mi airson caoineadh,
nach fhaic thu, oir chan eil e gu diofar mur’ eil e glè mhath:
an rud as cudromaiche ’s e gu bheil
fios aige
gur e mise, athair, a thuirt dha
gun sgrìobh thu mu na rudan
a tha as doimhne is as doirbhe.

Tionndadh: Sùsaidh Arnold

Read Full Post »

Tha cop fo làn bhlàth air a’ mhuir
gun samhradh gun gheamhradh

Tha m’ inntinn mullach cruinn
làn gàire na mara

èist ri na faoileagan
a’ magadh feadhainn fhathast air an tràigh.
Fàg na guthan aca gus nid a thogail sna tobhtaichean
fàg na guthan aca gus nid a thogail sna tobhtaichean
fàg na guthan aca a’ seasamh is a’ sireadh air a’ chladach.
Taighean gun daoine.
Cearcaill nach gabh briseadh.
Faclan gun chiall.

Na tuinn a’ briseadh is a’ deàrrsadh an aghaidh a’ bhàta
tha an rotal air falbh air ar cùlaibh.

Chan eil a’ mhuir a’ cumail grèim air cuimhneachan.

Tionndadh: Sùsaidh Arnold

Read Full Post »

A’ luasgadh eadar barr na beinn’ is aigeal a’ ghlinne,
Ar cuirp gan cumail suas mar le leabaidh-chrochte,
Ar lomnochd mar uisge sìnt’ ri cloich,

Fear le fead fad’ às a’ chìobaire,
An t-seabhag ag èirigh air a teasachd, a’ mhaigheach
na cadal na salchar fhèin mar phàiste.

Tionndadh: Steafan MacRisnidh

Read Full Post »

Làn-ghealach
agus gaoth bhon thuath

glè bheag de chadal a-nochd

èiridh mi aig ceithir
a’ coiseachd
air tìr gun fhuaim

a’ feuchainn ri tionndadh
gu teangaidh aithnichte
dàn sgrìobhte
ann an cànan na cloiche.

Tionndadh: Sùsaidh Arnold

Read Full Post »

Older Posts »