Feeds:
Posts
Comments

Archive for the ‘Facal’ Category

Facal

Facal air an fhacal
le facal beag airson toiseach tòiseachaidh
ainm
aois
gnè
Cò às a tha thu?
An tig thu còmhla rium?

Coiseachd air an tràigh
grian a’ deàrrsadh
oiteag shocair
muir ciùin
latha gun crìoch

Làithean ri chèile
sgrìoban sa chàr
a’ dol dhan bhùth
ceannach stuth
biadh
deoch
àirneis

Faclan beag eile
gaol
sonas
dòchas
fàinne
dithis leannan
airson greis

Mìos no dhà air falbh
gus latha eile
faclan snog a dhith
sgòthan dorcha
uisge
toileachas
air falbh
gaol tuilleadh

Facal air an fhacal
a’ tighinn
gu
crìch

Sùsaidh Arnold

Read Full Post »

Is iomadh facal
a tha na mo cheann
glaiste air cùl dorais
aig a’ chaileag ghruagach dhonn
a chur a làmh san tobar
agus a leig don uisge
sìoladh ann

Chi mi fhathast
san coileach-teas iad
a’ sruthail tron ghleann
agus am bodach
ag innse an stòraidh
mun latha
nach biodh i ann

Agus aig a’ bhòrd
tha i na suidhe
is a’ feuchainn ri rann
a’ faighneachd do Ghoogle
(cò chuala riamh!)
mun fhacal
a tha caillte
le fiaradh nam fonn

Angie NicIlleBhràighe

Read Full Post »

Leum
nam anail nam uchd

Dùsgadh
is an t-uisge a’ dòrtadh

Bròg
buailidh i sin orm fhathast

Cabhag
orm aig a’ chuibhle

Ceòl
nam chluais is ri mo chorrag

Lasadh
na pàipearan le mo làimh

Sruabadh
an cofaidh le spàineag an t-siùcair

Naidheachd
nach iarrainn agus dealbh a’ bhàis

Solas
sa ghleann is a’ priobadh gu h-àrd

Dearg
an croise a’ giùlain a’ ghràidh

Angie NicIlleBhràighe

Read Full Post »