Feeds:
Posts
Comments

Archive for the ‘Rhona NicDhùghaill’ Category

tha mi ag iarraidh a bhith
mar am foghar, nuair a bhios
a’ ghrian bàn anns na speuran:
a’ dannsa còmhla ri
na duilleagan dearga;
òrach le raineach; brèagha
is meadhan-aosta.

Rhona NicDhùghaill

Read Full Post »

A-riamh, a-rithist, ged a tha sinn eòlach air guth a’ ghaoil,
is a’ chladh bheag le ainmean duilich,
is a’ chlais mhòr eagallach, gun fhuaim,
far an lorg a h-uile daoine eile an deireadh:

A-riamh, a-rithist, bidh sinne a’ tòiseachadh a choiseachd
fo na craobhan nas sinne,
agus a-riamh, a-rithist, bidh sinne nar sìneadh
anns a’ fhraoch, a’ coimhead air na speuran.

Tionndadh: Rhona NicDhùghaill

Read Full Post »