Feeds:
Posts
Comments

Archive for the ‘Tadhal’ Category

Thadhail a’ ghealach orm
Nuair a bha mi beag
Sa chàr, a’ dol dhachaigh.
Lean bodach na gealaich mi
Le fiamh a’ ghàire air
A’ deàrrsadh orm
Tro uinneig a’ chàir
Gus an do ruig sinn an taigh
Anns an robh biadh is blàths is cadal.

Chunnaic mi a’ ghealach Oidhche Dhòmhnaich,
Nuair a dh’fhosgail mi na cùirtearan
A’ dèarrsadh orm tron uinneig
Ann an dorchadas ciùin na h-oidhche
Chaidh mi dhan leabaidh an uair sin
A chadal socair, sèimh.

Caitlín Ní Rodaigh

Read Full Post »

Air mo bheulaibh chì mi rathad fada, caol air fhiaradh
Chan eil sgeul air duine ‘s tha an lochan na thàmh
Mo shùilean dùinte cluinnidh mi na traoin

A’ faireachdainn carachadh ri mo thaobh
chì mi caora a’ toirt an droch shùil orm, ‘s i a’ mùn
‘s an uair sin a’ togail oirre gun cus ùidh sa chùis

Cò th’ annam-sa co-dhiù?
Ach aoigh eile, a’ tadhal gun chliù ‘s gun cheangal

Sgeilpeagan sgagach far an robh uaireigin peanta gleansach
a’ cleith nan seallaidhean tro dhoilleireachd na glainne
Geataichean meirgeach ‘s a’ bhaile na sheirgneach
Còinneach a’ faighinn làmh an uachdar air talamh trèigte

A’ buain, a’ giùlan, ag obair gu cruaidh
An dithis chailleach a th’ air fhàgail ag innse nan sgeul
‘S iad a’ caoidh na dh’fhalbh ‘s nach till a-rithist
Chan eil sinne ach a’ tadhal nar n-aoighean ag aithneachadh
Nach tig aiseirigh air bith-bhrìgh a’ bhaile seo a-chaoidh

Nicola NicThòmais

Read Full Post »