Feeds:
Posts
Comments

Archive for the ‘Nicola NicThòmais’ Category

Air mo bheulaibh chì mi rathad fada, caol air fhiaradh
Chan eil sgeul air duine ‘s tha an lochan na thàmh
Mo shùilean dùinte cluinnidh mi na traoin

A’ faireachdainn carachadh ri mo thaobh
chì mi caora a’ toirt an droch shùil orm, ‘s i a’ mùn
‘s an uair sin a’ togail oirre gun cus ùidh sa chùis

Cò th’ annam-sa co-dhiù?
Ach aoigh eile, a’ tadhal gun chliù ‘s gun cheangal

Sgeilpeagan sgagach far an robh uaireigin peanta gleansach
a’ cleith nan seallaidhean tro dhoilleireachd na glainne
Geataichean meirgeach ‘s a’ bhaile na sheirgneach
Còinneach a’ faighinn làmh an uachdar air talamh trèigte

A’ buain, a’ giùlan, ag obair gu cruaidh
An dithis chailleach a th’ air fhàgail ag innse nan sgeul
‘S iad a’ caoidh na dh’fhalbh ‘s nach till a-rithist
Chan eil sinne ach a’ tadhal nar n-aoighean ag aithneachadh
Nach tig aiseirigh air bith-bhrìgh a’ bhaile seo a-chaoidh

Nicola NicThòmais

Advertisements

Read Full Post »

Togaidh sinn ar gàirdeanan
An t-sràid a’ sreap chun nan speuran
A’ leigeil ar sùilean
Na cabair a’ ruamhar na talmhainn

Às gach cràdh
Nach ainmich sinn
Fàsaidh craobh geanm-chnò
A dh’fhanas gu dìomhair ri ar cùl

Às gach dòchas
A dh’àraicheas sinn
Cinnidh rionnag
A dh’fhalbhas thar fàire

An cluinn thu peilear
Dranndanaich mu ar cinn
An cluinn thu peilear
A’ leum air ar pòg gun fhios

Tionndadh: Nicola NicThòmais

Read Full Post »

Air oidhche na stoirme
bhris a’ mheur a b’ àirde
far na craoibhe a bu mhotha
nam ghàrradh.
Tha i shuas an sin fhathast. Ged a tha a duilleagean
air dubh chrìonadh am measg an duillich
Cha leig na meuran maireannach
leatha tuiteam.

Tionndadh: Nicola NicThòmais

Read Full Post »

Fad ùine mhòr
Chùm mi na leabhraichean-iùil air a’ bhòrd.
Sa mhadainn, ag òl cofaidh, chì mi dromannan nan leabhar:
Sankt-Peterburg, Vilnius, Wien.
Roghainnean meòraicht’ nach deach a thaghadh,
Ri ‘n cùlaibh – uaireannan fo throm-cheò – am monadh.
Nam fanadh tu na b’ àirde air a’ mhonadh,
Saoilidh mi, gur e a chitheadh tu ach
tuilleadh dhen a’ chòrr, ach chan fhaiceadh tu am monadh.

Tionndadh: Nicola NicThòmais

Read Full Post »

Cò shaoileadh gum biodh uimhir a bhuaidh agam ort?
‘S mi gun chuislean, gun chnàmhan, gun chraiceann, gun chorp
Do-fhaicsinneach ach cumhachdail, mar thighearna nam port
Bidh na deòir ruith bho d’ shùilean, do chridhe cho goirt

Chan iarrainn a bhith mar dhubhachas nad bheatha
Cha bhithinn idir ag iarraidh do shonas a chaitheamh
Do bheatha cho slàn is toileachas gad fheitheamh
Ach ruithidh na deòir, mar ruitheam gun deireadh

Carson nis nach fhàg thu aig fois mi, nam thàmh
Is fonn a bheir gàire ort a lorg nam àit’?
Faireachdainnean aotrom rim faotainn far càich
Ach na deòir fhathast a’ ruith, cho saillte ‘s cho blàth

Gheibh thu seachad air làithean a tha dorch’ dha-rìribh
‘S tu an-còmhnaidh nad chreig don fheadhainn a dh’iarras
Cha shaoileadh an sluagh a leithid gun fhianais
Gum biodh cumhachd an fhuinn gad fhàgail cho meadhanach

Le deòin agus dòchas, dhubhainn às don mhulad
Dh’fheuchainn ri ìsleachadh toradh an fhulaing
Fo chuideam an fhuinn seo, an ruitheam gun spionnadh
Na deòir bha nad shùilean uaireigin, tha iad tioram.

Nicola NicThòmais

Read Full Post »

Cait’ an do thòisich thu ‘s cà’ tig thu gu crìch?
Ged faoin do choltais nach tu a tha righinn?
A’ nochdadh sna craobhan, a’ greimeachadh sna dorsan
An còmhnaidh ri fighe ann an stùrachd nan oiseanan

‘S mar chriomagan bhiadh air chall ann am feusag
Bidh an sìoda, cho gleansach, a’ glacadh nam biasta
Gus an tig mise faisg ort le dustair nan iteag
A’ cur às dhut , ‘s gad dhìochuimhneachadh ann an tiotan

Nicola NicThòmais

Read Full Post »

Thig crìonadh air an t-sluagh
Gun fhearann nis ri lorg
Don fheadhainn sa cheann a tuath

Gach fear ‘s a choltas truagh
‘S na h-uachdaran cho borb
Thig crìonadh air an t-sluagh

Nan inntinn nis fo bhuaidh
Na fàiridhean cho dorch’
Don fheadhainn sa cheann a tuath

Gun bhlàths ‘s iad fàs cho fuar
An cridhean uile goirt
Thig crìonadh air an t-sluagh

Am beatha nis cho cruaidh
Gun sìol, gun fheur, gun choirc’
Don fheadhainn sa cheann a tuath

A’ fasgadh ann an uamh
An taighean nis fo thoit
Thig crìonadh air an t-sluagh

Na taighean nis mar luath
Na morairean gun sgot
Don fheadhainn sa cheann a tuath

A’ dèanamh air a’ chuan

Nicola NicThòmais

Read Full Post »

Older Posts »