Feeds:
Posts
Comments

Archive for the ‘Ruairidh Punk’ Category

cùram

thog mi fhèin
na bailtean,
mean air mhean
nan tèarmann
a’ diùltaidh nàimhdean
a’ toirt cùraim
ach
le aon phriob
thuit iad às a chèile
’s solas na grèine
a’ blàthachadh mo bheatha

Ruairidh Punk

Read Full Post »

An Guth

aon
fhacal
rìomhach
a bharrachd.
’s chaidh a’ ghrian sìos,
gun cothrom èirigh
ach ann an guth
tioram, stòlta
de eachdraidh.

Ruairidh Punk

Read Full Post »