Feeds:
Posts
Comments

Archive for the ‘Catrìona NicUilleim’ Category

Cha b’ e ach faclan dealanach a bh’ annad
ach thàinig an latha a thug mi an cuan orm
gu eilean siar
far an d’fhuair mi fàilte shunndach.
Dh’fhàs thu beò nam shaoghal dhomh.

‘S e neart nam anam a th’ annad
agus thàinig an latha a thug thu an cuan ort
gu eilean siar.
Mairidh tu beò nam chridhe dhomh.
Gum faigheadh tu fàilte shunndach.

Catrìona NicUilleim

Advertisements

Read Full Post »

Meud

Cha tuirt i an còrr.
Bha i comasach air èisteachd co dhiù, agus seo na rinn i. Èisteachd. Ri clachan a thuit às a bheul, agus sruth is tuil is deàrrsadh na grèine a’ slìobadh a cridhe. Thiodhlaiceadh i fon mhonadh. Gun dùnadh i a shùilean le an sìth agus am bòidhchead.
Cha d’rinn na faclan laighe co dhiù. Dh’èirich iad mar laoich às dèidh càch-a-chèile a’ bristeadh an cinn.
“Nach can thu càil?”
An-còmhnaidh an t iarrtas cumanta, àbhaisteach, cruaidh dhi. Cha tàinig thuice se ach facal no dhà, daoimeanan, a h uile rud air a ràdh le gathan gaoil. Ach chan fhaigheadh ise èisteachd le dìth stadan air buillean an t saoghail a muigh. Le dìth bheàrnan. Le dìth ùine. Cò aige a bhiodh àm cnuasachaidh nuair a bhiodh luchd nan gnàthasan a’ deànamh cabhaig an dèidh na cèille; nì cho falaichte nach gabhadh e mothachadh. A’ chiall a theicheadh bhuapa gun a bhith a’ gabhail nan sràidean mòra a dhèarrs fo uisge tlàth earraich. Leum i thairis air slighean cunnartach choilltean dubha nach d’fhuaireadh às.
Cha tuirt e an còrr.
Cha tuirt, ach bhruidhinn e. Bhruidhinn. Na shuidhe còmhla rithe anns a’ chafaidh ri taobh a’ phrìomh rathaid mar bu dual leotha. B’ e àite caran dorcha ach dathach a bha ann mus deach a reic ri chain store. Bha a h uile sìon dhaibh cho aona ghnàthach a nis, ge b’ e am baile no fiù ’s an dùthaich far an tàinig ruith chladaich ort. Gun anam ach le coltas cho gleansach ’s a ghabhadh air.
Bha an dithis a’ slugadh an tì agus an ceic àbhaisteach. Aghaidh ri aghaidh. Tro na h uinneagan, chunnacas na cabhsairean trang a’ leigeil luchd DiSathairne tromhpa. Rinn esan an gnothach air a shruth eadar gàmagan cèice. Daonnan a’ cabadaich agus a’ bruidhinn, mar shluagh mòr. Mar am mòr shluagh cabhagach a luathaich taobh a muigh na h uinneige. Cò aige a bhiodh feum air ciall cho fad ’s a ghabhar à làn an t saoghail le fuaim falamh nan sràidean iomadh fhillte; gobhlachain mhòra nan ceud cas nach dùineadh an sùilean geala is dearga fiù ’s ann an oidhcheannan geamhraidh. Bu bheag am feum air sèimheachd.
Cha tuirt i an còrr.
Lean a sùilean a bhilean trang. Fhiaclan a’ leum tro a bhilean. A theanga a’ slìobadh fhiaclan. A ghuth na fhallas. Thog i a sùilean an comhair a shùilean san gun choimhead orra. Chante gum biodh a lèirsinn nas doimhne nam biodh i air a dalladh, nach cante?
Ghlais i a faclan na cridhe le iuchair mheirgeach a shluig i mus do ghabh i a’ chiad cheum. An dearbh chridhe a dh’fhalaich i air cùlaibh a sùilean. Nan sealladh tu gu geur orra, chluinneadh tu fhathast eòlas nan linntean annta: uisge na ruith, eòin a’ seinn, duilleagan a’ dannsa, sneachd na laighe.
Shiubhail i saoghal bàn. Falamhachd na ciùine far an do chuir i lusan. Aislingean à leabhraichean air an leughadh le nighean bhig. Bu iadsan nan càirdean dìleas ciùine aice.
“Nach can thu càil?”
Chan e cabhag a th’ ann an dòigh fàs nan lusan agus cha tàinig àm am fosglaidh fhathast. Bha i làn eagail gun cuireadh a chasan às dhaibh mus biodh iad deiseil. Bhruidhneadh i an àm, àm eile, àm fhlùraichean inbheach.
Cha tuirt e an còrr.
Thionndaidh e le osnadh a chùil. Thug e fhaclan còmhla ris a mach air an rathad. Na companaich dhìleas na fharam.
Cha do mhair dhi ach cupannan falamh nan suidhe air a’ bhòrd.
Chan abair i an còrr.

Catrìona NicUilleim

Read Full Post »

Rian

a’ cabadaich a’ casadaich
a’ casadaich a’ cabadaich
sgìths.

Catrìona NicUilleim

Read Full Post »