Feeds:
Posts
Comments

Archive for the ‘Caitlín Ní Rodaigh’ Category

“Bheil thu dol air ais?” theirear rium.

“Dà laogh geal

is craobh chaorainn air tulach

agus an conasg fo bhlàth,”

is e mo fhreagairt.

Caitlín Ní Rodaigh

Advertisements

Read Full Post »

Thadhail a’ ghealach orm
Nuair a bha mi beag
Sa chàr, a’ dol dhachaigh.
Lean bodach na gealaich mi
Le fiamh a’ ghàire air
A’ deàrrsadh orm
Tro uinneig a’ chàir
Gus an do ruig sinn an taigh
Anns an robh biadh is blàths is cadal.

Chunnaic mi a’ ghealach Oidhche Dhòmhnaich,
Nuair a dh’fhosgail mi na cùirtearan
A’ dèarrsadh orm tron uinneig
Ann an dorchadas ciùin na h-oidhche
Chaidh mi dhan leabaidh an uair sin
A chadal socair, sèimh.

Caitlín Ní Rodaigh

Read Full Post »

Dà chlamhan
A’ cur charan anns an adhar bhàn fhuar
Ag èirigh ’s ag èirigh thar mòintich is muir
A’ gairm ann an guthan àrda, tana

Dà chlamhan
Air spiris air mullach taighe
Am beul na h-oidhche
Agus an taigh bàn is fuar
Gun teine sa chagailt

Caitlín Ní Rodaigh

Read Full Post »

Bha fonn na Gàidhlig air cainnt mo sheanmhar.
Ged nach robh na faclan fhèin air a teanga gu fileanta
bha am fonn air a’ Bheurla aice.

Dh’innis i dhomh mu a seanmhair, aig an robh oifis a’ phuist
air Rathad a’ Ghlinne
a-muigh air an dùthaich
ann an Siorramachd Antaiginis.
Bha Gàidhlig aice is aig na caillich an siud.

Bhiodh mo sheanmhair a’ fuireach còmhla rithe gach samhradh.

“They didn’t think I knew what they were saying,
but I knew what they were saying.
I understood.
They were saying I had beautiful hair.”

Dh’innis i dhomh mu a màthair,
A rug agus a thog deichnear de theaghlach
A rinn aran aig a’ bhòrd anns a’ chidsin gach oidhche
An dèis don cuid chloinne falbh dhan leabaidh
Aig baile ann am Brierly Brook
Ann an Siorramachd Antaganis.
Bha Gàidhlig aice, ged nach robh aig a’ chloinn.

Bhàsaich i san ospadal ann an Antaiginis.

“They didn’t know what she was saying,
but I knew what she was saying.
I understood.
She was saying the Rosary in Gaelic.”

Bha fonn na Gàidhlig aig mo sheanmhair.

Caitlín Ní Rodaigh

Read Full Post »

Teanga bhiorach
Làmhan siùbhlach
Tì ga ruith tro chuislean

Sùilean soilleir
Guth ceòlmhor
Cridhe blàth is maoth

Caitlín Ní Rodaigh

Read Full Post »

Èirigh na grèine
Dol fodha na grèine
Solas na maidine is solas an fheasgair
Latha geamhraidh ann an tìr fada tuath
Tìr nan oidhcheannan fada.

Dol fodha na grèine
Solas nan reultan is solas na gealaich
Na fir-chlis a’ mire thar nan speuran
Oidhche gheamhraidh ann an tìr fada tuath
Tìr nan oidhcheannan fada.

Caitlín Ní Rodaigh

Read Full Post »

An saoghal an impis uaine
Is solas an fheasgair a’ dòrtadh air
Am measg nam meuran loma
Tha lon dubh ga chosg fhèin
A’ gabhail an òrain aige
Agus sin,
Thall air a’ bheinn
Tha ceò na falaisg ann

Gun tigeadh falaisg an earraich orm
Gum bithinn air mo losgadh:
Mo rùsg tioram
Mo mheangan marbh
air an caitheamh
ann an teas nan lasraichean
Mo chnàmhan geala ann an cridhe an teine

Is mar sin,
Gun tigeadh an t-ùr-fhàs uaine

Caitlín Ní Rodaigh

Read Full Post »

Older Posts »