Feeds:
Posts
Comments

Archive for the ‘Fonn’ Category

Cò shaoileadh gum biodh uimhir a bhuaidh agam ort?
‘S mi gun chuislean, gun chnàmhan, gun chraiceann, gun chorp
Do-fhaicsinneach ach cumhachdail, mar thighearna nam port
Bidh na deòir ruith bho d’ shùilean, do chridhe cho goirt

Chan iarrainn a bhith mar dhubhachas nad bheatha
Cha bhithinn idir ag iarraidh do shonas a chaitheamh
Do bheatha cho slàn is toileachas gad fheitheamh
Ach ruithidh na deòir, mar ruitheam gun deireadh

Carson nis nach fhàg thu aig fois mi, nam thàmh
Is fonn a bheir gàire ort a lorg nam àit’?
Faireachdainnean aotrom rim faotainn far càich
Ach na deòir fhathast a’ ruith, cho saillte ‘s cho blàth

Gheibh thu seachad air làithean a tha dorch’ dha-rìribh
‘S tu an-còmhnaidh nad chreig don fheadhainn a dh’iarras
Cha shaoileadh an sluagh a leithid gun fhianais
Gum biodh cumhachd an fhuinn gad fhàgail cho meadhanach

Le deòin agus dòchas, dhubhainn às don mhulad
Dh’fheuchainn ri ìsleachadh toradh an fhulaing
Fo chuideam an fhuinn seo, an ruitheam gun spionnadh
Na deòir bha nad shùilean uaireigin, tha iad tioram.

Nicola NicThòmais

Read Full Post »

Fonn

Taigh mòr geal uinneagach
air oidhche thlàth samhraidh
an cois cladach cùbhraidh –
is nuallan na pìob’
à seòmar an t-sòlais.

An òigridh thàlantach
ri seinn na pìob’ mòire,
cruinn còmhla ri chèile,
a’ gleusadh an sgilean
san t-seòmar fhaicsinneach.

Taigh ceòlmhor fuaimneach,
cho follaiseach fìor,
na sheasamh taobh camais
air oidhche làn solais –
fonn an fhearainn nar cridh’.

Steafan MacRisnidh

Read Full Post »

Bha fonn na Gàidhlig air cainnt mo sheanmhar.
Ged nach robh na faclan fhèin air a teanga gu fileanta
bha am fonn air a’ Bheurla aice.

Dh’innis i dhomh mu a seanmhair, aig an robh oifis a’ phuist
air Rathad a’ Ghlinne
a-muigh air an dùthaich
ann an Siorramachd Antaiginis.
Bha Gàidhlig aice is aig na caillich an siud.

Bhiodh mo sheanmhair a’ fuireach còmhla rithe gach samhradh.

“They didn’t think I knew what they were saying,
but I knew what they were saying.
I understood.
They were saying I had beautiful hair.”

Dh’innis i dhomh mu a màthair,
A rug agus a thog deichnear de theaghlach
A rinn aran aig a’ bhòrd anns a’ chidsin gach oidhche
An dèis don cuid chloinne falbh dhan leabaidh
Aig baile ann am Brierly Brook
Ann an Siorramachd Antaganis.
Bha Gàidhlig aice, ged nach robh aig a’ chloinn.

Bhàsaich i san ospadal ann an Antaiginis.

“They didn’t know what she was saying,
but I knew what she was saying.
I understood.
She was saying the Rosary in Gaelic.”

Bha fonn na Gàidhlig aig mo sheanmhair.

Caitlín Ní Rodaigh

Read Full Post »