Feeds:
Posts
Comments

Archive for the ‘Andrea Kluge’ Category

Am Foghar

Nuair a thàinig am Foghar
Dh’fhalbh am blàths às mo bheatha.

Nuair a dh’fhalbh duilleach nan craobh
Dh’fhalbh na dathan às mo bheatha.

Nuair a thàinig an t-uisge
Thàinig na deòir gu mo shùilean.

Bidh fadachd orm gus an till an t-Earrach
le bhlàth, le dhathan.

Bidh fadachd orm gus am falbh na deòir
às mo shùilean.

Bidh fadachd orm gus an till mo bheatha.

Andrea Kluge

Advertisements

Read Full Post »