Feeds:
Posts
Comments

Archive for the ‘Foghar’ Category

tha mi ag iarraidh a bhith
mar am foghar, nuair a bhios
a’ ghrian bàn anns na speuran:
a’ dannsa còmhla ri
na duilleagan dearga;
òrach le raineach; brèagha
is meadhan-aosta.

Rhona NicDhùghaill

Advertisements

Read Full Post »

Aimsir sam bith, bidh mi a’ coiseachd air duilleagan tioram,
Aimsir sam bith, bidh mi a’ coiseachd air duilleagan marbh.

Dè th’ ann an aimsir, bidh mi a’ coiseachd air duilleagan trom,
Dè th’ ann an aimsir, bidh mi a’ coiseachadh air duilleagan an tì tòiseacheachadh.

Frances NicEachainn

Read Full Post »

Am Foghar

Nuair a thàinig am Foghar
Dh’fhalbh am blàths às mo bheatha.

Nuair a dh’fhalbh duilleach nan craobh
Dh’fhalbh na dathan às mo bheatha.

Nuair a thàinig an t-uisge
Thàinig na deòir gu mo shùilean.

Bidh fadachd orm gus an till an t-Earrach
le bhlàth, le dhathan.

Bidh fadachd orm gus am falbh na deòir
às mo shùilean.

Bidh fadachd orm gus an till mo bheatha.

Andrea Kluge

Read Full Post »