Feeds:
Posts
Comments

Archive for the ‘Caochladh’ Category

‘Is dheàlraich aodann mar a’ ghrian;
Is dh’fhàs aodach geal mar shneachda.’

Dà uair sa mhadainn
An rathad na stiall dhubh
Ann an saoghal geal, balbh

Solas na gealaich
A’ tilgeil fhaileasan feadh nam beanntan
Gilead fhìorghlan, fhoirfe

Buachaille Eite Mòr a’ caitheamh fallaing shneachda
Aldebaran ga chrùnadh
Fon ghealaich làin, ghil

‘…thuirt e ri Ìosa:
A Thighearna, is math dhuinn a bhith an seo.’

A’ togail dhealbhan
Is fios nach biodh lorg air an ìomhaigh
Ach ann an cuimhne

Sìos an rathad a-rithist
Is na dàimh ri a thaobh
An cabair an aghaidh nan speuran

Caitlín Ní Rodaigh

Read Full Post »