Feeds:
Posts
Comments

Archive for the ‘Tuath’ Category

Bha Tuath is Deas ann an seo romham,
far a bheil mi nam chòmhnaidh an-dràst’;
ach a-nis, chan eil ann ach Tuath oir
bhàsaich Deas fo chuibhle càir.

Tuath, a tha air fàs suas cho luath
bhon a chunnaic mi an toiseach e na aonar –
’s an uair sin taingeil toilichte a bhith
an làthair dhaoine nach b’ aithne dha.

’S mi fhìn mar an ceudna air làithean brèagh’
a-muigh a’ coimhead mu dheas thar na linn’;
’s a’ phiseag a’ suathadh rium ’s ag iadhadh
mum chasan le aigne bheò is mèaghalaich.

Steafan MacRisnidh

Advertisements

Read Full Post »

Èirigh na grèine
Dol fodha na grèine
Solas na maidine is solas an fheasgair
Latha geamhraidh ann an tìr fada tuath
Tìr nan oidhcheannan fada.

Dol fodha na grèine
Solas nan reultan is solas na gealaich
Na fir-chlis a’ mire thar nan speuran
Oidhche gheamhraidh ann an tìr fada tuath
Tìr nan oidhcheannan fada.

Caitlín Ní Rodaigh

Read Full Post »

Thig crìonadh air an t-sluagh
Gun fhearann nis ri lorg
Don fheadhainn sa cheann a tuath

Gach fear ‘s a choltas truagh
‘S na h-uachdaran cho borb
Thig crìonadh air an t-sluagh

Nan inntinn nis fo bhuaidh
Na fàiridhean cho dorch’
Don fheadhainn sa cheann a tuath

Gun bhlàths ‘s iad fàs cho fuar
An cridhean uile goirt
Thig crìonadh air an t-sluagh

Am beatha nis cho cruaidh
Gun sìol, gun fheur, gun choirc’
Don fheadhainn sa cheann a tuath

A’ fasgadh ann an uamh
An taighean nis fo thoit
Thig crìonadh air an t-sluagh

Na taighean nis mar luath
Na morairean gun sgot
Don fheadhainn sa cheann a tuath

A’ dèanamh air a’ chuan

Nicola NicThòmais

Read Full Post »

Tuath

Sneachd’
iolair
fèidh
chì thu
mu thuath

Caorann
darach
fraoch
ann an tuath
na h-Alba

Nàdar
fàsach
an aon saoghal
tro nan linntean.

Glè bheag de dhaoine
beatha chruaidh
na tuatha len caoraich
is bà
là gu là
ràith gu ràith
bliadhna gu bliadhna
gu sàmhach.

Càraichean
busaichean
fuaim
luchd-turais
bhon deas gu tuath.

Rathaidean trang
taighean làn
dh’fhalbh an t-sìth
dh’fhalbh an fhàsach
Tuath millte.

Sùsaidh Arnold

Read Full Post »