Feeds:
Posts
Comments

Archive for the ‘Steafan MacRisnidh’ Category

’S iomadh duine a nì
mar nach do rugadh fhathast iad. Rè an ama sin, ge-tà,
dh’fhaighnicheadh do William Burroughs le oileanach
ma bha e gabhail ri beatha an dèidh bàis,
’s fhreagair e:
– An cinnteach leat nach do bhàsaich thu fhathast?

Tionndadh: Steafan MacRisnidh

Advertisements

Read Full Post »

Nuair a thèid sinn a shnàmh sa mhuir
mar chlann a’ plubraich air an t-sràid ann an tuil,
no gar plumadh fhèin anns an tuba,
is sinn nar suidhe mar chlod no mar ghuga,
̕s beag an t-iongnadh ged a phlumas sinn gu grad
gun èirich fras-uisge anns a’ bhad,
a’ stealladh oirnn, ̕s sinn a’ froiseadh a’ bhùirn
ann an amar-snàmh le sùgradh is mùirn;
a’ tomadh sìos no gar crathadh fhèin,
chan eil rian nach bi boinneagan a’ danns’ is a’ leum;
suas is sìos, an taobh siud ̕s an taobh seo
mar bhoma a’ spreidheadh na spealgan ̕s na cheò.

Ach – nuair a shuidheas mis’ air muin a’ phoit,
A’ lìonadh a’ chearcaill le meall mo dhà phloc,
Chan eil mi ag iarraidh an stealladh ud cho brais,
Nuair a spùtas mi a-mach e, thig striutan air ais!
Agus, nuair a bhios mi deiseil lem ghnothach,
is an dhà thaobh ud cho fliuch
le salchar grànda mar uisge nam muc!
Seallaidh mi rim thaobh – gun phàipear a-rithist.
Saoilidh mi: “ Dè nì mi a-nis?”
̕S mo thòin air a bogadh am buachair is pish!

Steafan MacRisnidh

Read Full Post »

Bha Tuath is Deas ann an seo romham,
far a bheil mi nam chòmhnaidh an-dràst’;
ach a-nis, chan eil ann ach Tuath oir
bhàsaich Deas fo chuibhle càir.

Tuath, a tha air fàs suas cho luath
bhon a chunnaic mi an toiseach e na aonar –
’s an uair sin taingeil toilichte a bhith
an làthair dhaoine nach b’ aithne dha.

’S mi fhìn mar an ceudna air làithean brèagh’
a-muigh a’ coimhead mu dheas thar na linn’;
’s a’ phiseag a’ suathadh rium ’s ag iadhadh
mum chasan le aigne bheò is mèaghalaich.

Steafan MacRisnidh

Read Full Post »

A’ luasgadh eadar barr na beinn’ is aigeal a’ ghlinne,
Ar cuirp gan cumail suas mar le leabaidh-chrochte,
Ar lomnochd mar uisge sìnt’ ri cloich,

Fear le fead fad’ às a’ chìobaire,
An t-seabhag ag èirigh air a teasachd, a’ mhaigheach
na cadal na salchar fhèin mar phàiste.

Tionndadh: Steafan MacRisnidh

Read Full Post »

Fonn

Taigh mòr geal uinneagach
air oidhche thlàth samhraidh
an cois cladach cùbhraidh –
is nuallan na pìob’
à seòmar an t-sòlais.

An òigridh thàlantach
ri seinn na pìob’ mòire,
cruinn còmhla ri chèile,
a’ gleusadh an sgilean
san t-seòmar fhaicsinneach.

Taigh ceòlmhor fuaimneach,
cho follaiseach fìor,
na sheasamh taobh camais
air oidhche làn solais –
fonn an fhearainn nar cridh’.

Steafan MacRisnidh

Read Full Post »

Lìon

Bidh daoine daonnan a’ feuchainn ri dà thaobh
a ghabhail ann an connspaid nach buin dhaibh.
Paileastain agus Israel
Caitligeach agus Pròstanach
Gall is Gàidheal
Ach, ciamar a ghabhas tu an dà thaobh
mura h-eil an sgaradh a tha eatorra air a lìonadh?

Steafan MacRisnidh

Read Full Post »

Beul a’ caoineadh agus beul a’ gàirsinn
ann an cuthach a’ chatha ro shluagh na thost.

Gheibhear grèim air a’ bheul, ga bhìdeadh agus
ga reubadh, ga spealtadh na sròicean ’s na fhuil ruite.

Gus an strìochd am beul a bha a’ caoineadh sìos gu gàire,
gus an strìochd am beul a bha a’ gàirsinn sìos gu caoineadh.

Tionndadh: Steafan MacRisnidh

Read Full Post »