Feeds:
Posts
Comments

Archive for the ‘Uncategorized’ Category

Teirm ùr

A chairdean

Bidh a’ bhuidheann sgrìobhaidh a’ tòiseachadh a-rithist tràth air an ath mhìos. Thathas an dòchas gum bi sgrìobhaidearan ùra nar measg a bharrachd air na sgrìobhaidearan tha air tilleadh airson bliadhna eile.

Cùmaibh sùil air a’ bhlog!

Read Full Post »

“Bheil thu dol air ais?” theirear rium.

“Dà laogh geal

is craobh chaorainn air tulach

agus an conasg fo bhlàth,”

is e mo fhreagairt.

Caitlín Ní Rodaigh

Read Full Post »

Dh’ionnsaich thu do cheàird
ri taobh oir na cuairte
do làmh bheag shalach
a’ smùrach aig a casan
agus an Laideann
mar bhràghad dubh air d’ amhach

Chuir iad crios dearg ort
ann an caoran a’ bhàis
guth blàth nam bodach
na do chridhe is na do chluais
is dh’iarr thu air a’ ghaoith
do thogail nad phort

Dhùisg thu le gàire
agus pòg na do shùil
bu tu a bha sona fo sholas nan reul
Ailidh Dall
gad thoirt dhachaigh
gu latha nan seann sgeul

Sheas thu leat fhèin
fad deich bliadhna is còrr
is iad a’ tilgeil peilear nam baigearan
dhan tobhta
a bh’ air a thughadh le clòimh
do bhochdainn

Bha thu glic ris a’ chnoc
agus do chuideachd ann roimhe
ach b’ e fanaid a rinn iad
air do chainnt agus do cheòl
nach cluinn is nach fhaic
ann an sgrìobhadh na sgoil

Ach na biodh cùram ort a laoich
is beannaichte an duine
a tha ri bròn
is gach neamhnaid is seud
mar shoisgeul
ann am Flathanas air do shon

Angela NicIlleBhràighe

Read Full Post »

12.15m, an t-Ògmhios 2007. Tha mi a’ coimhead air boillsgeadh de sholais os cionn nan cùirteanan, fear eile ri taobh an dorais a tha pàirt fosgailte. Solas dearg na bhearradair air dhealanaich.

Ann an droch shunnd air sgàth srann àrd de dheoch làidir ri mo thaobh, coltach ri strimmer aig Iain Mhoire. Carson a tha deoch làidir anns an t-saoghal seo idir? Chan eil mi a’ cluinntinn fiù ’s mo smaointinn, tha cadal fad’ air falbh.

Ceann Blàbheinn na shuidhe air mullach ceò na mara. Solais Ealaghol is Srath na h-Aìrde. Tha mi fhathast a’ cluinntinn na shrann ged a tha mi anns an t-seòmar-shuidhe a-nis.

Tha mi a’ smaoineachadh mu dheidhinn mo leanabhan agus an sgaradh-pòsaidh agam fhìn. Mo leanabhan, uill, chan eil mo leanabhan fhèin, oir tha iad 36 is 38 a-nis ach mo dithis oghaichean.

Paris 1968. Tha mise nam ‘nanny’, garde d’enfants mar a chanas iad ann am Fraingis. Triùir bhalach beaga, Olivier, Fabien, Phillippe. Na pàrantan aca ag obair uairean fada is mise a’ coimhead às an dèidh Diluain gu Dihaoine. A’ chiad latha saor agam, nam shuidhe ann an cafaidh, ag òl San Pelegrino. Duine donn, àrd, eireachdail na shuidhe ri mo thaobh. “Deoch eile, Madamoiselle?” “Tapadh leibh” “Ah, blas coigreach. Cò às a tha thu?” is mar sin adhart. Abair fortan a’ coinneachadh ri Frangach cho snog air a’ chiad oidhche a-muigh!

Sia mìosan air falbh, pàiste nam bhroinn. “Pòsaidh sinn, oir tha mi deiseil airson bean cheart a bhith agam” Chan eil mi airson fuireach san Fhraing lem phàiste agus mar sin, tha sinn a’ tighinn gu Sasainn, Plymouth, far a bheil teaghlach agam. Tha sinn a’ pòsadh ach chan eil obair gu leòr an sin airson chef Fraingis gun Bheurla. Tha sinn a’ gluasad gu Lunnainn. Flat beag ann am Brixton agus obair gu leòr ri fhaighinn. Ach ’s e uilebhèist a phòs mi. A’ tighinn dhachaigh anmoch, air an deoch a h-uile h-oidhche, nam bhualadh bho àm gu àm gun adhbhar cho fada ’s a tha fios agam.

Pàiste eile agam. Taigh snog ann an Thornton Heath is mi a tha toilichte tron latha le mo dhithis bhalach agus mo bhana-charaidean. Lòn ri chèile, coiseachd san phàirc, cuairt ri taobh na mara, samhraidhean blàth.

Balaich a’ dol dhan sgoil, suidheachadh a’ fàs nas miosa. Aon oidhche, bualadh nam aodann, cha mhòr nach do bhris e mo ghiall. Sgaradh-pòsaidh, taigh air a reic, gluasad air ais gu taigh mo phàrantan.

Mo bhalaich bhochd, aois 7 is 9. Neo-chiontach. Athair air falbh, dachaigh eile, sgoil ùr.

Agus mo mhac, pòsta airson 13 bliadhna, bean àlainn, choibhneil, èifeachdach, is dithis bhalach aige fhèin. Ach chan eil e ann an gaol leatha tuilleadh. Air falbh bhon taigh, beatha ùr, bràmair ùr. Mo bhalaich bhochd, aois 7 is 9. Dadaidh air falbh. Ciamar is urrainn dha seo a dhèanamh do na h-ainglean òga againn? Carson a tha eachdraidh a’ dol mun cuairt ann an cearcall? Mo chridhe briste, pian uabhasach nam ghualainn. Tha ‘frozen shoulder’ agam. The mi fo chùram nam cheann, nam chridhe is nam bhodhaig.

2 uair sa mhadainn. Sgath-dhealbh Blàbheinn an aghaidh adhar dubh-gorm. Air ais dham leabaidh. Rud beag cadal mu dheireadh thall.

Sùsaidh Arnold

Read Full Post »

Dà chlamhan
A’ cur charan anns an adhar bhàn fhuar
Ag èirigh ’s ag èirigh thar mòintich is muir
A’ gairm ann an guthan àrda, tana

Dà chlamhan
Air spiris air mullach taighe
Am beul na h-oidhche
Agus an taigh bàn is fuar
Gun teine sa chagailt

Caitlín Ní Rodaigh

Read Full Post »

Cnòthan beaga
Cò thu?
Air fàs cho mòr
Gu cruinn, gu dlùth

Deàlradh na grèine
Gad thumadh
Is a’ falbh leat
Le leum an t-srutha

An talamh fodhad
A’ ghaoth romhad
Chan fhada sin
Bha thu na mo bhrù!

Angie NicIlleBhràighe

Read Full Post »

Teanga bhiorach
Làmhan siùbhlach
Tì ga ruith tro chuislean

Sùilean soilleir
Guth ceòlmhor
Cridhe blàth is maoth

Caitlín Ní Rodaigh

Read Full Post »

Older Posts »