Feeds:
Posts
Comments

Archive for the ‘Uisge’ Category

Nuair a thèid sinn a shnàmh sa mhuir
mar chlann a’ plubraich air an t-sràid ann an tuil,
no gar plumadh fhèin anns an tuba,
is sinn nar suidhe mar chlod no mar ghuga,
̕s beag an t-iongnadh ged a phlumas sinn gu grad
gun èirich fras-uisge anns a’ bhad,
a’ stealladh oirnn, ̕s sinn a’ froiseadh a’ bhùirn
ann an amar-snàmh le sùgradh is mùirn;
a’ tomadh sìos no gar crathadh fhèin,
chan eil rian nach bi boinneagan a’ danns’ is a’ leum;
suas is sìos, an taobh siud ̕s an taobh seo
mar bhoma a’ spreidheadh na spealgan ̕s na cheò.

Ach – nuair a shuidheas mis’ air muin a’ phoit,
A’ lìonadh a’ chearcaill le meall mo dhà phloc,
Chan eil mi ag iarraidh an stealladh ud cho brais,
Nuair a spùtas mi a-mach e, thig striutan air ais!
Agus, nuair a bhios mi deiseil lem ghnothach,
is an dhà thaobh ud cho fliuch
le salchar grànda mar uisge nam muc!
Seallaidh mi rim thaobh – gun phàipear a-rithist.
Saoilidh mi: “ Dè nì mi a-nis?”
̕S mo thòin air a bogadh am buachair is pish!

Steafan MacRisnidh

Read Full Post »

Uisge

Cha bhiodh tu fada beò às m’ aonais
Cha bhiodh tu fada tioram nam chois
Talamh bho bhàs
Gainnead de dh’fhàs
Bhiodh buile do chridhe aig fois

Cha bhiodh aodach no bodhaig gan glanadh
Thigeadh tinneas is bochdainn is galar
Craiceann salach
Pàthadh, Fàileadh
Cha bhiodh beathach ri fhaicinn air thalamh

Cha tug thu dhomh an spèis air an robh mi airidh
‘S gun fhios dhut às m’ aonais nach biodh tu maireann
Dòchas is dùil
Ri sruthain is tuil
Cha bhi fios air math an tobair gus an tràigh e.

Nicola NicThòmais

Read Full Post »

B’ ann aig an Aifreann a bha sinn
Nuair a thàinig an t-uisge
Nuair a chaidh na speuran a bhriseadh mar ugh
Le tàirneanaich is dealanaich
B’ ann aig an Aifreann a bha sinn
Nuair a dhòrtadh uisge oirnne
Mìltean againn còmhla
Bho gach dùthaich is teanga is treubh
Nuair a thàinig am meall
A chrathaich sgàileag is fallainn
A leagh na leabhraichean nar làmhan
Cha robh rathad às
Nuair a thàinig an t-uisge
A-nuas mar shaighdean
Is chaidh ar bogadh chun a’ chridhe
Is cha d’fhuair duine againn às
Mìltean againn còmhla
Nuair a thàinig an t-uisge

Caitlín Ní Rodaigh

Read Full Post »

Sheas i aig taobh an locha. Bha an oidhche a’ fàs fuar agus thug i sùil mun chuairt oirre. Chunnaic i ceò às an taigh is bha fhios aice gum biodh iad a’ feitheamh. A’ gabhail iongnadh. A’ gabhail dragh.

Dh’fhairich i a bhlàths agus a anail. Milis agus sàmh.

“Bha fhios ‘am gun tigeadh tu.”

Thionndadh i ris. “Is coma leis a’ ghaol càite an tuit e.”

Rinn e gàire. Lasadh na shùil. “Nach tig thu?” Shìn e a làmh.

Bha a cridhe gus briseadh. Chaidh e troimhe chun cnàimh. “Cha tig.”

Sheall e rithe. “Nach do gheall thu dhomh.”

“’S iomadh rud a gheall sinn.”

Ghabh e ceum a-steach don uisge. “Chan fhaic thu a-rithist mi. Ach eadar cadal is dùsgadh.”

Thog i ceann. An loch fo sgàil. Agus làn shoillse na gealaich ga treòrachadh dhachaigh, far an robh e a’ feitheamh oirre.

Angie NicIlleBhràighe

Read Full Post »